Dàil air an MV Alfred

  • Air fhoillseachadh
MV AlfredTùs an deilbh, Còmhdhail Alba
Fo-thiotal an deilbh,

'S ann le Pentland Ferries a tha an MV Alfred

Cha bhi an MV Alfred a' dol fo chùmhnant le CalMac Dimàirt seo tighinn mar a bha dùil 's feum oirre fhathast air slighe Arcaibh.

'S ann le Pentland Ferries a tha an catamaran, ach chaidh aonta a dhèanamh airson a leigeil a-mach air màl gu CalMac fad naoi mìosan.

Tha dùil gun cuidich seo leis an uallach a th' air cabhlachd ChalMac.

Chaidh an MV Alfred a thogail ann an 2019, aig cosgais de £17m, airson a dhol an àite an MV Pentalina air slighe a' Chaoil Arcaich.

Bidh am Pentalina a' tilleadh gu seirbheis fhad 's a tha an Alfred air falbh, ach thathas fhathast a' feitheamh air teisteanas sàbhailteachd.

Thuirt Àrd-Oifigear ChalMac, Robbie Druimeanach, gur e briseadh-dùil a bha seo, ach nach eil iad a' sùileachadh dàil fhada.

Cha bhi buaidh aig an seo air seirbheisean ChalMac.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh