A' comharrachadh eilthireachd a' Mhàrloch
Chaidh carragh-chuimhne air eilthireachd a' Mhàrloch a bheannachadh ann an Uibhist a Deas air an deireadh-sheachdain.
Tha i stèidhichte aig cidhe Loch Baghasdail às an do dh'fhàg trì cheud eileanach bho chionn ceud bliadhna.
Agus bha còrr math air trì cheud de mhuinntir an àite agus luchd-tadhail cruinn a' cuimhneachadh orra aig cuirmean sa choimhearsnachd feasgar Disathairne.
Tha an aithris-sa aig Eilidh NicLeòid.