Fo-èisteachd mu dhà bhàs san Òban

  • Air fhoillseachadh
Cùirt an t-Siorraim san ÒbanTùs an deilbh, Thomas Nugent/Geograph

Thèid fo-èisteachd a chumail aig Cùirt an t-Siorraim san Òban Diardaoin, air thoiseach air rannsachadh tubaist bhàsmhoir mu dhithis a chaill am beatha sa bhaile ann an 2018.

Chaidh Oskars Rancevs a shaoradh bho chasaidean Martyn Smith a mhurt, agus a nàbaidh, John Whyte a mharbhadh, air sàilleibh a dhroch shlàinte-inntinn.

Cho-dhùin britheamh ann an 2020 gum bo chòir do Mhgr Rancevs a bhith fo ghrèim airson ùine neo-dheimhinnte aig ospadal na stàite ann an Caisteal Tarrais (Carstairs).

Thèid moladh aig an fho-èisteachd air cò a bu chòir a bhith an sàs san rannsachadh agus dè cho farsainn 's a bhios e, a bharrachd air clàr-ama a stèidheachadh air a shon.

Tha Oifis a' Chrùin ag ràdh gur e an t-adhbhar airson rannsachadh tubaist bhàsmhoir ach feuchainn ri dearbhadh dè thug bàs do neach, agus ciamar a dh'fhaodar cunnart bàis a lùghdachadh ann an suidheachaidhean coltach ris.

Tha dùil gum bì ùidh gu sònraichte san leigheas a bha Oskars Rancevs a' faighinn bho sgioba slàinte-inninn anns a' choimhearsnachd.

Bidh ùidh cuideachd anns an dòigh sa bheil seirbheisean slàinte-intinn a' dèiligeadh ri euslaintich nach eil a' gabhail ri leigheas no taic.

Tha dùil cuideachd gun tèid sùil a thoirt air mar a chaidh fiosrachadh a làimhseachadh le Poileas Alba, agus an dàil a bh' ann mus d' fhuair iad lorg air Mgr White na dhachaigh.