
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba ceumannan ùra airson piseach a thoirt air seirbheisean adhair do choimhearsnachdan eileanach mar phàirt de phròiseas tairgse nas fharsainge a thaobh slighean le Òrdugh Seirbheis Phoblaich.
Tha an cùmhnant airson seirbheisean PSO a thoirt seachad a-niste a-muigh gu tairgse, le dùil gun tòisich an cùmhnant ùr air an 25mh là den Damhair am bliadhna.
Thuirt Còmhdhail Alba gum bi na h-uimhir de leasachaidhean an cois a' chùmhnaint ùir airson seirbheisean adhair eadar Glaschu agus Barrraigh, Tiriodh agus Ceann Loch Chille Chiarain.
Mairidh an cùmhnant ceithir bliadhna, agus bidh faraidhean nas lugha do dhaoine a tha a' fuireach ann am Barraigh, Tiriodh, agus cuideachd Colla.
Mar a tha cùisean an-dràsta, faodaidh comhairlean coimhearsnachd seirbheisean a bharrachd iarraidh air làithean sònraichte, leithid nuair a tha tachartas mòr a' dol air adhart gu h-ionadail, suas ri 10 turas sa bhliadhna.
Fon chùmhnant ùr, a rèir Còmhdhail Alba, bidh barrachd chothroman ann sin a dhèanamh, ann an oidhirp siubhal a thoirt do bharrachd dhaoine aig amannan trang.
Bidh cuideachd riaghailt na chois airson dà shuidheachan a ghlèidheadh gach taobh do dh'euslaintich air an NHS air seirbheis Thiriodh, airson cothrom a thoirt do dhaoine siubhail airson seirbheisean meadaigeach gun mòran rabhaidh.
Chaidh seo a chur air dòigh an toiseach air seirbheisean Bharraigh, far a bheil e air a bhith soirbheachail.