Naidheachdan 11:00m

Sudan

Thuirt an Riaghaltas gun cuir iad iomairt air chois airson saoranaich Bhreatannach a thoirt a-mach à Sudan, far a bheil còrr is 400 air am beatha a chall bho chaidh diofar phàirtean de na feachdan armaichte a shabaid le chèile. Chaidh fois-fòirneirt trì là a ghairm an-raoir, agus gu ruige seo tha gach taobh a' cumail ris. Tha am BBC a' tuigsinn gun tòisich plèanaichean bho Fheachd an Adhair a' togail Bhreatannach bho raon-laighe tuath air Khartoum anns na h-uairean de thìde a tha romhainn.

Biadh

Sheall àireamhan ùra nach do dh'èirich prìsean bìdh buileach cho luath air a' mhìos a dh'fhalbh ach gu bheil na tha sinn a' pàigheadh fhathast còrr is 17% nas àirde na bha e aig an àm seo an-uiridh. Chaidh na h-àrdachaidhean as motha fhaicinn ann an rudan mar uighean, bainne agus càise. Ann an oidhirp airgead a chùmhnadh, tha luchd-ceannaich a' tionndadh gu stuthan-bìdh nach eil cho daor, leis na tha na bùithdean mòra a' creic fon bhrataich 'value' aca air leum 46%.

SNP

Coinnichidh am Prìomh Mhinistear, Humza Yousaf, ri Buill-Phàrlamaid an SNP aig Westminster an-diugh mar phàirt den chuairt aige gu Lunnainn. Tha dùil gun tèid a cheasnachadh mu shuidheachadh ionmhais a' phàrtaidh. Tha Mgr Yousaf mar-thà air aideachadh gur ma dh'fhaoidte nach tèid aig an SNP air na cunntasan aca a chur a steach ron cheann-là oifigeil, 's iad fhathast a' sireadh companaidh-sgrùdaidh a choimheadas air leabhraichean a' phàrtaidh.

Joe Biden

Tha dùil gum foillsich an Ceann-suidhe Biden an ceartuair gun seas e san ath-thaghadh ann an 2024. Aig 80 bliadhna de dh'aois, 's e Mgr Biden mar-thà an ceann-suidhe as aosta ann an eachdraidh nan Stàitean Aonaichte. Nam buannaicheadh e an taghadh bhiodh e 86 nuair a thigeadh an dara teirm aige san Taigh Gheal gu crìch.

CnES

Thèid deasbad às ùr a dhèanamh feasgar air poileasaidh Comhairle nan Eilean Siar air mar a tha foghlam feise ga theagasg ann an sgoiltean eileanach. Chaidh a' choinneamh den Làn-Chomhairle iarraidh le buidheann de chomhairlaichean a tha a' faireachdainn nach eil na stuthan-teagaisg oifigeil idir iomchaidh do chloinn-sgoile. Tha dùil gum feuch iad ri neartachadh a dhèanamh air poileasaidh a tha a' moladh do sgoiltean stuthan-teagaisg Caitligeach a chleachdadh seach na tha a' nochdadh air làrach-lìn an Riaghaltais.

Tubaist

Tha Poileas Alba ag ràdh gu bheil iad air rathad a dhùnadh ann an Gallaibh às dèidh tubaist-rathaid an-diugh sa mhadainn. Bha aon charbad an sàs anns an tubaist, a thachair air am B874 faisg air Hàcraig mu 07:00m. Tha na seirbheisean-èiginn fhathast an làthair agus chan eil an còrr fiosrachaidh ga thoirt seachad aig an ìre seo