Naidheachdan 11:00m

An t-Sudàn

Dh'fhàg a' chiad phlèana a tha a' giùlain shaoranach Breatannach air ais dhan Rìoghachd Aonaichte bhon t-Sudàn, port-adhair Larga ann an Cìopras o chionn uair de thìde. Tha dùil gun laigh tuilleadh phlèanaichean RAF ann an Cìopras tron là agus iad air Breatannaich a thogail bho phort-adhair faisg air Khartoum. Tha na dùthchannan Aonaichte ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri fois-fòirneirt trì là a neartachadh, agus e air aithris gu bheil sabaid air tòiseachadh a-rithist ann am pàirtean de phrìomh bhaile na Sudàn.

Neo-dhearbhte

Chuir Riaghaltas na h-Alba planaichean air adhart airson cur às den bhreith "neo-dhearbhte" ann an cùisean eucorra. Tha na molaidhean a' nochdadh ann am bile airson ath-chruthachadh a dhèanamh air siostam ceartais eucorra na dùthcha. Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil am breith a' dèanamh chùisean nas duilghe do dhaoine a tha a' suidhe air diùraidh, ach tha eòlaichean lagha a' cumail a-mach gu bheil "neo-dhearbhte" a' toirt dòigh eile do dhiùraidhean teagamhan fhoillseachadh. Am measg eile, tha am bile cuideachd a' moladh faighinn cuidhteas dhiùraidhean ann an cùisean èigneachaidh, agus cùirtean sònraichte a stèidheachadh airson dèiligeadh ri droch eucoirean feise.

Luchd-imrich

Thèid planaichean an riaghaltais airson bacadh a chur air luchd-imrich o bhith a' tighinn dhan dùthaich ann am bàtaichean beaga a dheasbad ann an Taigh nan Cumantan feasgar. Tha cuid de bhuill-phàrlamaid Thòraidheach air teagamhan a nochdadh mun bhile, a bheireadh cead dha na h-ùghdarrasan clann a chumail an greim.

Banca Shasainn

Chaidh àrd-eòlaiche eaconomach Bhanca Shasainn a chàineadh airson a bhith ag ràdh gum feum daoine gabhail ris gu bheil iad nas bochda air sàilleibh ìre na h-atmhorachd. Dh'innis Huw Pill don phrògram Podcast anns na Stàitean Aonaichte gu bheil luchd-obrach ag iarraidh àrdachaidhean pàighidh nas motha, agus companaidhean ag àrdachadh nam prìsean aca, a' putadh chosgaisean an-àirde.

Taighean air Prìs Reusanta

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air lùghdachadh a dhèanamh air na h-amasan aca airson a bhith a' togail thaighean a bhios ri fhaotainn airson prìs reusanta. Tha an t-ùghdarras ionadail air cur romhpa 660 dachaigh a thogail gach bliadhna suas gu ruige 2027. Tha iad a-niste air an àireamh sin a ghearradh gu 500. Tha a' chomhairle a' coireachadh cho daor 's a tha e talamh a cheannach ann an àiteachan mar Inbhir Nis, Inbhir Narann agus pàirtean den Eilean Sgitheanach airson an co-dhùnaidh.

Taighean-Solais

Agus bhòt luchd-obrach aig taighean-solais na h-Alba airson a dhol air stailc ann an eas-aonta mu phàigheadh. Thuirt an t-aonadh aca, Unite, gu bheil an luchd-obrach airidh air barrachd air àrdachadh pàighidh 2%. Thuirt Bòrd Thaighean-Solais a' Chinn a Tuath gu bheil iad ag ullachadh phlanaichean gus daoine a chumail sàbhailte aig muir fhad 's a tha na stailcean a' leantainn.