Slighe na cloiche-crùnaidh

  • Air fhoillseachadh
Clach

Clach Sgàin, an Lia Fàil, Clach na Cinneamhain - 's iomadh ainm a th'air a bhith oirre agus 's iomadh sgeul is uirsgeul a tha ceangailte rithe.

A dh'aindeoin, no, dh'fhaodadh tu ràdh, ri linn cho fad' 's a bha i air falbh, chaidh i mar thè de phrìomh ìomhaighean air nàiseantachd na dùthcha.

A rèir nan uirsgeulan ge-tà, bha tùs na cloiche fada bho Alba.

Tha an Dtr Donnchadh Sneddon na eòlaiche air eachdraidh thràth nam meadhan-aoisean ann an Alba agus mhìnich e tè de na sgeulachdan as ainmeile.

"Tha an sgeulachd ag ràdh gun tàinig bana-phrionnsa às an Èipheit, ris an canar Scota, nighean do Phàraoh, agus nuair a thàinig i an toiseach a dh'Èirinn gun tug i a' chlach seo leatha", thuirt e.

"Agus a rèir thionndaidhean den sgeulachd b' e seo a' chlach air an robh Iàcob na chadal san t-Seann Tiomnadh, san fhàsach.

"Agus gun robh Scota agus an Rìgh Gaithelus ann an Èirinn fad ghreis agus nuair a thàinig iad a dh'Alba, thug iad leotha a' chlach.

Sgàin

Ged a tha fiosrachadh mun chloich sna bliadhnaichean tràtha gann, tha clach-eòlaichean air dearbhadh gur ann bho sgìre Sgàin fhèin a thàinig i.

Sgàin

Tha fios againn gum b' e seann Abaid Sgàin dachaigh na cloiche ann an Alba.

Chaidh iomadach rìgh, suas gu Iain Balliol ann an 1292, òrdachadh, seach a chrùnadh, an sin.

"Bha crùn ann agus tha fianais ann gun do chosg na rìghrean iad co-dhiù bho linn an dàrna Rìgh Alasdair", thuirt Donnchadh.

"Ach cha b' e pàirt den òrdachadh a bh' ann an crùnadh.

"Agus bha Eideard Shasainn ag argamaid air sgàth sin nach b' e rìghrean a bh' annta agus nach b' e Rìoghachd a bh' ann an Alba.

Cogadh 1296 agus Sìth 1328

Ach rinn Eideard nas miosa na dìmeas a thoirt air cleachdaidhean a cuid rìghrean nuair a thug na feachdan aige ionnsaigh air Alba ann an 1296, 's an Rìgh Sasannach mì-thoilichte mu aonta càirdeis eadar na nàbaidhean aige agus an Fhraing.

Air a' chùis a dhèanamh aig Blàr Dhùn Barra, b' e aon dha na rudan a rinn Eideard, Clach Sgàin a thoirt leis a Shasainn.

1328

Cha mhòr nach do thill i ge-tà taobh a-staigh 40 bliadhna, nuair a chaidh aonta sìthe Northampton a ruighinn eadar Alba is Sasainn ann an 1328.

Thuirt Eideard III gun deigheadh a tilleadh, ach cha do thachair sin.

"Tha dà sgeulachd ann mun seo", mhìnich Donnchadh.

"Tha aon ag ràdh gun do dhiùlt Uilleam Curtlington, Aba Westminster, a' chlach a thoirt bhon eaglais.

"Chaidh a toirt mar thìodhlac dhan Naomh Eideard, agus bha e den bheachd gum biodh e a' milleadh cliù na h-eaglaise agus cliù an naoimh.

"Tha sgeulachd eile ag ràdh gun robh ùpraid ann am measg mhuinntir Lunnainn nuair a chuala iad mu na planaichean seo a' chlach a thoirt air ais dha na h-Albannaich, agus gun do chur sin stad air.

Nollaig, 1950

Às dèidh sin, dh'fhan i far an robh i airson còrr air 600 bliadhna.

Naidheachd a bh' ann dhà-riribh mar sin nuair a nochd e air an là às dèidh na Nollaige 1950 gun robh i a dhìth.

Nuair a chaidh falbh leis a' chloichTùs an deilbh, Getty Images

Bha buidheann de cheathrar oileanach, Kay NicMhathain à Inbhir Àsdail nam measg, air briseadh a-steach do dh'Abaid Westminster is a' chlach a thoirt leotha air ais a dh'Alba.

Sa Ghiblean air an ath-bhliadhna, fhuair na h-ùghdarrasan teachdaireachd a dhol a dh'Abaid Obair Bhrothaig, far an d'fhuair iad air ais i.

Bhrosnaich an tachartas tè dhe na h-òrain Ghàidhlig as ainmeile a th' ann, "Òran na Cloiche" le Dòmhnall Ruadh Phàislig, a chaidh fhoillseachadh an toiseach dà bhliadhna às a dhèidh.

Tha cuid a' cumail a-mach ge-tà nach b' i a' chlach cheart a thill a Shasainn ann an 1951; cuid eile nach b' i a thug Eideard leis sa chiad àite.

Ged nach eil luchd-eachdraidh a' cur taic ris na beachdan sin, tha iad a' cur ris a' mhiot-eòlas timcheall oirre.

Tilleadh a dh'Alba

Ro dheireadh na 20mh linn, rinn Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte co-dhùnadh a' chlach a chur air ais a dh'Alba làn thìde.

Chaidh i a Dhùn Èideann sa chiad àite ann an 1996.

Dùn Èideann

Agus ann an 2020 rinn Riaghaltas na h-Alba co-dhùnadh gun tilleadh i chun na sgìre às an tàinig i sa chiad àite.

Mar sin, 's e taigh-tasgaidh ùr ann an talla-bhaile Pheairt an dachaigh a bhios aice bhon ath-bhliadhna - nuair nach eil i a dhìth 'son rìgh no banrigh a chrùnadh.