£1.6m ga chosg air criutha do bhàta nach do sheòl fhathast

  • Air fhoillseachadh
Glen SannoxTùs an deilbh, FMPG
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an Glen Sannox fhathast ga togail ann am Port Ghlaschu

Tha ceistean gam faighneachd is e air a thighinn am bàrr gun deach £1.6m a chosg air criutha a' Ghlen Sannox, bàta nach do sheòl fhathast agus nach eil fiù 's deiseil.

Thòisich CalMac a' fastadh dhaoine airson a' Ghlen Sannox an-uiridh.

Thàing an naidheachd am follais tro iarrtas le Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

Uile gu lèir, chaidh 14 duine fhastadh airson an t-soithich, a tha fhathast ga togail ann am Port Ghlaschu.

Chan eil fhios fhathast cuine a bhios i a' seòladh, ged a tha dòchas ann gum bi i aig muir as t-fhoghar.

Sheall fiosrachadh tro Achd Saorsa na Fhiosrachaidh gun deach luchd-obrach fhastadh airson a' bhàt'-aiseig sa Ghearran 2022.

Dàil

Ach mìos an dèidh sin, chaidh innse gun robh dàil air a' bàta chun earraich am bliadhna.

UIle, gu lèir, chosg an luchd-obrach £1.6m do ChalMac.

Thuirt am Ball Pàrlamaid Albannach Tòraidheach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Eideard Mountain, a dh'iarr am fiosrachadh, gur e cùis-nàire a th' anns an t-suidheachadh.

Thuirt neach-labhairt bhon Riaghaltas gu bheil criutha air a bhith air am fastadh airson cuid de dhreuchdan àrda agus gu bheil iad a' dèanamh obrach riatanaich a thaobh sàbhailteachd ann an Gàrradh MhicFhearghais fhad' 's a tha pàirtean dhan t-soitheach gan cruthachadh agus deuchainnean gan dèanamh orra.

Thuirt iad cuideachd gur e seo am pròiseas àbhaisteach nuair a tha soithichean gan togail.