Naidheachdan 1100m

TransPennine Express

Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad a' gabhail thairis seirbheisean trèana TransPennine Express. Cha tèid an cùmhnant ùrachadh aig deireadh na mìos seo 'son seibheisean eadar Manchester agus Liverpool gu ruige Glaschu agus Dùn Èideann. Thuirt Rùnaire na Còmhdhail Mark Harper gu bheil cus sheirbheisean dheth ro thric. Thuirt a' chompanaidh os cionn na seirbheis, FirstGroup, a tha stèidhichte ann an Obar Dheathain, gur e bristeadh-dùil a tha sin dhaibh - oir gun do rinn iad an dìcheall seirbheisean a dhèanamh nas fheàrr.

Reitichean

Tha làn-dùil ri dearbhadh bho Bhanca Shasainn an ceann uair de thìde air àrdachadh ann an ìre an rèidh gu 4.5 % bho 4.25% aig a bheil e an-dràsta. Cuiridh sin cosgais a bharrachd air feadhainn aig a bheil airgead air iasad ach bu chòir dha a bhith na bhuannachd do dh'fheadhainn aig a bheil airgead air a chaomhnadh.

Tubaist ann an Leòdhas

Tha am prìomh rathad ann an Leòdhas fhathast dùinte gach taobh an dèidh do charbad bualadh ann an cuideigin a bha a' coiseachd ri taobh an rathaid tràth anns a' mhadainn an-diugh. Dhùin poilis an rathad A859 aig Bail' Ailein. Cha deach an còrr fiosrachaidh innse mun neach anns an do bhuail an càr air neo dè cho dona 's a chaidh an goirteachadh. Tha poilis ag ràdh gum bi an rathad dùinte a' chiad ghreis agus nach eil slighe eile fosgailte timcheall air.

Màl

Bidh deasbad aig Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh air màl 'son toglaichean an ùghdarrais. Tha buidhnean carthannais agus saor-thoileach a' gearain gu bheil àrdachadh a' cur an cuid obrach ann an cunnart agus feadhainn a' cumail a-mach gu bheil am màl air dùblachadh bho an-uiridh. Tha comhairlichean dùbhlanach ag iarraidh am màl a ghearradh gu leth. Thuirt oifigich na Comhairle gun deach am màl àrdachadh 'son suas ri £200,000 a bharrachd a thional dhaibh agus mura tèid iad air adhart leis gun tig orra pàirtean eile den bhuidseat a ghearradh.

Partygate

Thèid cha mhòr £250,000 de dh'airgead phoblach a chosg air cosgaisean lagha Bhoris Johnson fhad 's a tha buill-phàrlamaid a' rannsachadh an do mheall e iad mu na pàrtaidhean aig Sràid Downing aig àm a' ghlasaidh. Agus chaidh innse dhan BhBC nach do dh'aontaich Roinn an Ionmhais airgead poblach a chosg air sin.

Drugaichean

Tha teaghlaichean Albannach ag iarraidh inbhe laghail agus smachd air drugaichean a thug bàs dhan cuideachd gus nach tachair an lethid do dhuine eile. Bidh iad ag innse mu na thachair dhaibh aig tachartas ann an Dùn Èideann a-nochd fo bhratach Anyone's Child, iomairt a tha a' strì 'son atharrachadh ann am poileasaidh dhrugaichean.

Liathtas

Tha fear à Siorrachd Lannraig ag ràdh gur e sgeama còmhdaich uaine Riaghaltas na h-Alba as coireach ri liathtas a rinn milleadh air a' flat aige. Tha Blaan Paterson ann an deasbad leis a' Chomhairle agus e a' cumail a-mach gur e còmhdach eadar na ballachan as coireach ri trioblaid fad deich bliadhna le dampachd na dhachaigh. Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gur e luchd-obrach air fo-chùmhnant aca a rinn an obair.