
Jordan White a' toirt Ross County air ais gu 2-2.
Bidh aig Ross County ri buannachadh an aghaidh Chille Mheàrnaig airson àite a ghlèidheadh le cinnt ann am Prìomh Lìg na h-Alba an dèidh dhan gheama aca an aghaidh St Johnstone crìochnachadh 3-3.Bha sgioba Pheairt 2-0 suas, ach thàinig County air ais dhan gheama le breab-pheanais bho Yan Dhanda, tadhal bho Jordan White agus tadhal bho Jack Baldwin, a dh'fhaodadh a bhith an dèidh an geama a bhuannachadh dhaibh.
Shàbhail Ryan McGowan St Johnstone ge-tà, leis an treas tadhal dhaibh anns an 95 mionaid.Tha Ross County anns an 11mh àite anns an lìg, le cinnt cha mhòr nach bi iad aig a' bhonn, far a bheil Dundee United.Ma nì iad a' chùis air Cille Mheàrnaig air falbh bhon taigh Disathairne, bhiodh iad cinnteach play-off a dh'fhaodadh an cur dhan Championship a sheachnadh.Thuirt manaidsear Ross County Malky MacAoidh gun robh e toilichte le cho dìorrasach 's a bha an sgioba an aghaidh St Johnstone.