
Tha grunn sgiobannan smàlaidh an dèidh bhith a' feuchainn ri dèiligeadh ris an teine deas air Canaich.
Tha sgiobannan smàlaidh fhathast a' strì ri teine mòintich faisg air Canaich.
Tha iad air a bhith ris an obair seo airson lathaichean a-nis agus tha dithis an dèidh bhith air an goirteachadh ann an tubaist.
Chaidh na fireannaich a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mhòir agus Ospadal Rìoghail Obar Dheathain an dèidh dhan charbad anns an robh iad car a chur.
Tha iad air faighinn a-mach às an ospadal a-nis.
Bha mu 22 smàladair aig an teine anns a' mhadainn Diciadain.
Tha Fearann is Oighreachdan na h-Alba dhen bheachd gun deach faisg air 3,000 heactair fearainn a losgadh mu thràth.
Thuirt RSPB na h-Alba gun sgaoil an teine gu Tèarmann Nàdair Choire Mhonaidh, agus gu bheil e a' coimhead coltach ris gun toir e buaidh air fiadh-bheatha.