Iomairt an aghaidh chrann 4G an Cnòideart

Dh'innis muinntir Chnòideirt gun dèan iad strì làidir an aghaidh phlanaichean airson cruinn 4G a chur an àrd ann an ceàrnaidhean dhen a' sgìre anns nach eil duine a' fuireach.

Tha Riaghaltas Westminster ag amas gum bi 95% dhen dùthaich le ceangal 4G ro 2025.

Ach tha a' choimhearsnachd ag ràdh nach deach faighneachd dhaibh càite am bu chòir na cruinn a' chur.

Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.