"Chan eil for aca am milleadh a tha iad a' dèanamh"
Tha muinntir Uibhist a Deas air am fàgail uair eile às aonais bàta-aiseig is CalMac a' dol a ghluasad an Lord of the Isles, a bhios gam frithealadh, a dh'Ìle bho Dhisathairne an 3mh den Òg-mhios airson cha mhòr mìos.
Thuirt CalMac gur e co-dhùnadh fìor dhoirbh a bha seo agus gu bheil iad a' tuigsinn droch bhuaidh air a' choimhearsnachd, ach gur e seo an roghainn a bheir buaidh air a' chuid as lugha de luchd-cleachdaidh.
Thabhainn iad leisgeul agus thuirt iad gu bheil iad a' dèanamh an dìcheall bàtaichean a thilleadh gu seirbheis.
Chuala sinn bho Thormod MacAsgaill, aig a bheil làraidhean bathair a' siubhal eadar Uibhist is tìr-mòr, mun bhuaidh a tha seo a' toirt air muinntir an àite.