Fearg gu bheil aiseag Loch Baghasdail dheth a-rithist

Bidh Uibhist a Deas às aonais sheirbheis aiseag a-ruith gu Loch Baghasdail airson cha mhòr mìos a-rithist.

Cha bhith soitheach aca bho Dhisathairne gu 's dòcha deireadh na mìos.

Thàinig fios nach bi an Hebridean Isles deiseal son tilleadh bho chàradh agus leis gum feum tè de bhàtaichean Ile, am Finlaggan, a' dhol dhan an doc, thèid an Lord of the Isles a' thoirt air falbh bho Loch Baghasdail airson a' dhol a dh'Ìle.

Tha tuilleadh aig Ruairidh Rothach.