Balach an grèim as dèidh murt ann an Alanais

  • Air fhoillseachadh
Poileas Alba

Chaidh balach còig bliadhna deug a dh'aois a chur an grèim an dèidh bàs duine a bha dà fhichead 's a h-ochd, air a' Ghàidhealtachd.

Tha seo a' tighinn an dèidh buaireadh ann an Alanais tràth madainn Disathairne.

Thàinig na seirbheisean èiginneach agus bhàsaich an duine aig an làraich.

Thuirt Poileas Alba gun deach aithris mu bhalach còig bliadhna deug a chur gu Neach-casaid a' Chrùin co-cheangailte ris a' bhàs.