
Bu chòir CMAL agus CalMac a thoirt còmhla agus an cùmhnant airson seirbheisean aiseig a' Chosta an Iar a ruith fhathast air a chur a-mach gu tairgse, a rèir aithisg ùir.
Sin cuid de na beachdan a fhuair co-chomhairleachadh poblach Bòrd Coimhearnsachd nan Aiseagan air na molaidhean a thàinig à Pròiseact Neptune, ath-sgrùdadh air seirbheisean aiseig Chluaidh agus a' Chosta an Iar a dh'fhoillsicheadh an-uiridh.
Tha Coimiseanar nan Aiseagan, Aonghas Caimbeul, air a bhith a' trusadh bheachdan fad grunn mhìosan agus chaidh an aithisg aige fhoillseachadh Diluain.
Nochd a' mhòr-chuid de choimhearsnachdan a tha an eiseimeil sheirbheisean aiseig beachd nach eil an siostam ag obrachadh a chùm maith muinntir nan eilean.
Buidheann ùr
Dh'iarr eileanaich gun cuirear CalMac, ris a bheil seirbheisean an urra, agus CMAL, leis a bheil na bàtaichean agus air a bheil an t-uallach airson nam port, còmhla airson seirbheisean a dhèanamh nas èifeachdaiche.
Tha an aithisg ag ràdh gu bheil argamaid làidir ann an t-uallach airson aiseagan a thoirt bho Chòmhdhail Alba cuideachd a bhith fo smachd na buidhne ùir seo.
Mhol na coimhearsnachdan cuideachd gun tèid an cùmhnant airson nan seirbheisean a ruith a-mach gu tairgse airson farpais a bhrosnachadh gus an t-seirbheis as fheàrr a ghabhas a thoirt seachad agus luach an airgid fhaighinn às.
Tha an aithisg ag ràdh gum bu chòir deagh riochdachadh a bhith aig luchd-siubhail le eòlas eileanach agus seirbheisean aiseig.