
Tha an Eaglais Shaor air dearbhadh gun deach an t-Urramach Farquhar Renwick a chur às a dhreuchd le Clèir Inbhir Nis, Loch Abar agus Rois.
Thuirt fear-labhairt na h-Eaglaise gun do thachair seo an dèidh sgrùdadh mionaideach air casaidean a fhuair iad bho chionn ghoirid air mì-ghiùlan mus deach e na mhinistear.
Thuirt a' Chlèir gun do thòisich pròiseas foirmeil nuair a nochd na casaidean agus mar thoradh air an rannsachadh mhionaideach a rinn iad b' e an co-dhùnadh nach bu chòir do Mhgr Renwick a bhith na mhinistear san Eaglais Shaoir tuilleadh.
B' e Mgr Renwick am ministear aig Eaglais a' Chnuic Bhàin an Ceasag a Tuath.
Eaglais bhàn
Thuirt an Eaglais gun do ghabh Mgr Renwick pàirt san sgrùdadh mu dheidhinn agus nach eil e am beachd ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh breith na Clèire.
Chan eil Mgr Renwick ag obair tuilleadh dhan Eaglais Shaor.
Tha sin a' fàgail gu bheil Eaglais a' Chnuic Bhàin a-nis bàn agus tòisichidh an co-thional a dh'aithghearr am pròiseas airson ministear ùr a thàladh.
Tha a' Chlèir a' tabhann taic agus cùraim dhan a h-uile duine air an d'thug an suidheachadh seo buaidh.
Pròiseas ùr
Chaidh aontachadh aig Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire am bliadhna gun dèigheadh am pròiseas a bh' ann airson dèiligeadh ri gearanan mu phearsachan eaglaise ùrachadh.
Rinn iad seo, thuirt iad, airson an fheadhainn a bha a' togail casaid agus an fheadhainn air an deach casaidean fhàgail a dhìon.
Tha comataidh neo-eisimeileach a-nis a' dèanamh rannsachaidh air ministear neo èildear ma thèid gearan a thogail nan aghaidh.
Bidh a' chomataidh a' dol air ais gu Clèir an duine sin le am breith aon uair 's gu bheil an sgrùdadh deiseil.
Tha sinn a' sireadh beachd bho Mghr Renwick fhèin.