Cùisean diùraidh an Cùirtean Siorraim nan eilean gan gluasad

  • Air fhoillseachadh
Cùirt an t-Siorraidh ann an SteòrnabhaghTùs an deilbh, Crown
Fo-thiotal an deilbh,

Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh

Tha duilgheadasan luchd-obrach aig seirbheis giùlain nam prìosanach a' fàgail gun tèid cùisean-lagha diùraidh aig Cùirtean Siorraim sna h-eileanan a ghluasad gu tìr-mòr.

Bidh seo a' toirt buaidh air cùisean ùra ann an Cùirtean Siorraim nan Eilean Siar, an Eilein Sgitheanaich, Arcaibh agus Shealtainn.

'S e a' chompanaidh GeoAmey ris a bheil e an urra prìosanaich a ghluasad eadar prìosanan neo stèiseanan poilis agus na cùirtean.

Dhearbh Seirbheis Chùirtean agus Tribunalan na h-Alba gu bheil na dùbhlain luchd-obrach a th' aig a' chompanaidh a' ciallachadh gum bi cùisean ùra le diùraidh 's còir a bhith ann an Steòrnabhagh, Lerwick, Kirkwall, Port Rìgh agus Loch nam Madadh a-nis air an cumail ann an Inbhir Nis, Obair Dheathain neo Ceann Phàdraig.

Bidh na cùisean a bha sa chlàr-ama mar-thà ann an Steòrnabhagh agus Lerwick fhathast air an cluinntinn gu h-ionadail, agus leanaidh obair eile nan cùirtean sna bailtean sin cuideachd.

'S e an Siorram Derek Pyle a thug seachad an t-òrdugh airson nan atharrachaidhean a thèid a chur an gnìomh Dimàirt.