Tè air a droch leòn an dèidh dhi a dhol leis a' chreig san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh

Cladach Ealaghoil faisg air far an do rinneadh cobhair air a' bhoireannach
Tha boireannach ann an stait èiginn an dèidh mar a chaidh i leis a' chreig san Eilean Sgitheanach.
Chaidh na seirbheisean èiginn a chur chun na làraich faisg air Ealaghol an ceann a deas an eilein mu 15:30f. Diaordaoin.
Bha na Maoir-chladaich, Seirbheis Eiridinn na h-Alba, luchd-teasairginn nam beann agus heileacoptar meidigeach an sàs san iomairt.
Dhearbh na poilis gun deach boireannach, 50, a thoirt a dh'Ospadal na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu.