Naidheachdan 11:00m
Fo-thaghaidhean
Chaill na Tòraidhean dà roinn anns na trì fo-thaghaidhean ann an Sasann an-raoir. Chuir na Làbaraich às do mhòr-chùid còrr is 20,000 ann an Selby agus Ainsty an ceann a tuath Shiorrachd Iorc agus chuir na Libearalaich Dheamocratach às do mhòr-chuid còrr 's 19,000 a bha aig na Tòraidhean ann an Somerton agus Frome ann an Somerset. Ach ghlèidh na Tòraidhean Uxbridge agus South Ruislip ann an Lunnainn, an roinn a bha aig Boris Johnson, le dìreach 495 bhòt a bharrachd.
Thuirt ceannard nan Lib Deamach, Sir Ed Davey, gu bheil a' bhuaidh ann an Somerset a' dearbhadh gu bheil am pàrtaidh air tilleadh sa cheàrnaidh sin. Thuirt am Prìomhaire, Rishi Sunak, a bh' ann an Uxbridge sa mhadainn an-diugh, gu bheil mar a chùm na Tòraidhean an roinn sin a' sealltainn gu bheil cothrom aca fhathast san taghadh choitcheann.
Tosgaire
Chaidh tosgaire na h-Ucràin san Rìoghachd Aonaichte a chur às a dhreuchd latha no dhà an dèidh dha a bhith a' càineadh bhriathran a' Chinn-suidhe Zelensky. Cha deach a ràdh gu h-oifigeal carson a chaill Vadym Prystaiko obair.
Àrach-èisg
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba stratadsaidh ùr a tha a' gealltainn àite do ghnìomachas an àrach-èisg anns an eaconomaidh ghorm mar a tha aca orra. Tha am plana a' toirt spèis do dh'àrach-èisg ach le dleasdanas dhan àrainneachd. Tha am plana a' tighinn an dèidh aithisg an-uiridh a thuirt gu bheil luchd-àrach a' fulang le cion-earbsa agus droch bheachd air a chèile eadar an gnìomhachas, riaghladairean, an riaghaltas agus luchd-iomairt.
McDonalds
Thuirt Àrd-oifigeach McDonalds, Alistair Macrow, gu bheil e air uabhasachadh le casaidean mu shàrachadh anns an àite-obrach. Thàinig còrr 's ceud, a bha agus a tha fhathast ag obair dhaibh, air adhart an t-seachdain seo a dh'innse mu ionnsaighean feiseil, gràin-cinnidh agus burraidheachd. Thuirt Mgr Macrow gu bheil e duilich gu robh leithid a' dol air adhart agus gheall e a dhìcheall cur às dhà.
Tubaist
Tha boireannach, 50, gu math ìosal san ospadal ann an Glaschu an dèidh dhi tuiteam le creig anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm a dh'Ealghol mu 3.30f an-dè.