Urram Saòrsa nan Eilean Siar do Sandy MacMhathain
Chaidh urram Saòrsa nan Eilean Siar a bhuileachadh air Sandy MacMhathain, aig talla-bhaile Steòrnabhaigh Diluain airson còrr is 50 bliadhna de sheirbheis phoblach.
Tha Mgr MacMhathain air a bhith os cionn grunn bhuidhnean poblach sna h-Eileanan thar nam bliadhnachan.
'S e cuideachd am Probhaist a b' òige a-riamh a bh' aig baile Steòrnabhaigh.
Seo Ruaraidh Rothach.