Naidheachdan 11:00m

Cìs na dibhe

Thuirt Comann an Uisge-bheatha gur e buille dhan ghnìomhachas a tha san àrdachadh ann an cìs na dibhe a thàinig gu buil an-diugh. Tha a' chìs stèidhichte air neart na dibhe a' fàgail fìon làidir agus spioradan suas ri 20% nas daoire. Cuiridh an t-àrdachadh, a dh'ainmich an Seanaslair na bu tràithe am bliadhna, mu not air prìs botail uisge-bheatha. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gu bheil an siostam ùr mòran nas sìmplidh.

Pris a' bhìdh

Tha figearan ùra ag ràdh nach eil prìs a' bhìdh sna bùitean ag èirigh buileach cho mòr agus a bha. Thuirt Caidreachas Luchd-reic Bhreatainn gu bheil atmhorachd a' bhìdh aig an ìre as lugha bhon Dùbhlachd an-uiridh an dèidh tuiteam 0.2 % san Iuchar gu 13.4 % leis gu bheil stuthan bìdh mar iasg, ola agus gràn breacaist nas saoire.

Prothaidean HSBC

Bha còrr 's dùblachadh ann am prothaidean ro-chìsean aig a' bhuidheann banca mòr, HSBC. Bha na prothaidean suas gu faisg air £17b air a' chiad leth den bhliadhna mar thoradh air riadh àrd air feadh an t-saoghail. Ach bha cha mhòr dà thrian nas lugha de phrothaid aig BP a tha a' fulang le bun-phrìs cumhachd a' tuiteam.

Cogadh san Ucràin

Thuirt na h-ùghdarrasan ann am Mosco gun do bhuail ionnsaigh dròn eile ann an toglach ann an sgìre choimearsalta a' bhaile. Thuirt am mèar gun do bhuail an urchair san aon thogalach a chaidh a mhilleadh a' bhòn-dè. Thuirt an Ruis gur e ionnsaigh Ucràinianach a bh' ann, ach cha tug Kyiv freagairt sam bith dha sin.

Sgaoileadh fiosrachaidh dhìomhair

Dh'iarr NHS Shiorrachd Lannraig an leisgeul a ghabhail an dèidh do luchd-obrach fiosrachadh dìomhair mu euslaintich a leigeil ma sgaoil ceudan thursan air WhatsApp. Fhuair Oifis Coimiseanair an Fhiosrachaidh gun deach ainmean, àireamhan fòn, seòlaidhean agus dealbhan euslainteach a sgaoileadh. Tha cead aig luchd-obrach WhatsApp a chleachadh son conaltradh sìmplidh ach chan eil airson fiosrachadh pearsanta mu euslainteach.

"Glaschu robach"

Thuirt fear de bhuill Làbarach Ghlaschu ann am Pàrlamaid na h-Alba, Pòl Sweeney, gu feum am baile brath a ghabhail air Farpaisean Rothaireachd na Cruinne son ath-bheòthachadh agus sgioblachadh a thoirt air. 'S ann an Glaschu a bhios a' mhòr-chuid de na farpaisean a tha a' tòiseachadh an-earar. Tha Mgr Sweeney ag ràdh gu bheil gearraidhean a' fàgail pàirtean den bhaile salach agus robach ach tha ceannardan na comhairle a' dol às àicheadh sin.