Gunnera
Tha dragh ann an Uibhist mun dòigh sa bheil gunnera, lus mòr coltach ri rùbrab, a' sgapadh agus a' mùchadh lusan eile a tha a' fàs mun cuairt air.
Chan eil gunnera nàdarra do dh'Alba agus tha e doirbh faighinn caoidhteas dheth.
Ach, às deidh cùrsa, air a chur air dòigh le Fearann Coimhearsnachd Innse Gall an t-seachain-sa, bidh teisteanas aig co-dhiù aon duine ann an Uibhist am puinnsean a tha a' marbhadh an lusa a chleachdadh.
Tha an aithris seo aig Shona Nichòmhnaill.