Taigheadas ann am Muile
Tha a' chiad luchd-còmhnaidh gus gluasad gu pròiseact taigheadais ann am Muile, far an deach seann bhàthach a leasachadh.
Bha an tuathanach air taic-airgid fhaighinn bho Mhaoin Taigheadas Dùthchail na h-Alba.
Tha dòchas ann gur e eisimpleir a tha seo air dachannan aig prìs reusanta anns na sgìrean dùthchail.
Tha cuid den bharail ge-tà gu bheil aig Riaghaltas na h-Alba ri ath-sgrùdadh a dhèanamh air cuid de na riaghailtean a thaobh taic-airgid. Tha an aithris seo aig Seonaidh MacCoinnich ...