Leabhar ùr mu na Luddites
Staing ann an ìrean-pàighidh, cosgaisean bith-beò a' dol an àirde, agus teicneolas ùr a' cur obraichean ann an cunnart.
B' e sin suidheachadh na dùthcha seo aig toiseach na naoidheamh linn deug.
Aig an àm seo, nochd na Luddites.
Ged a tha an t-ainm Luddite tric ga chleachdadh mar chàineadh orra-san nach iarradh adhartas a dhèanamh, tha leabhar ùr a' feuchainn ri sealltainn gun robh amasan nas fharsainge aca.
Seo Calum MacLeòid.