Geama mòr Didòmhnaich do Ghlasgow City agus Rangers

  • Air fhoillseachadh
SWPLTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Coinnichidh Glasgow City agus Rangers Didòmhnaich

Cluichidh Glasgow City agus Rangers an aghaidh a chèile Didòmhnaich leis an dà sgioba co-ionnann air puingean às dèidh trì geamaichean.

Tha trì geamaichean air a bhith aig an dusan sgioba mar-thà gu ruige seo ann an seusan ùr Prìomh Lìog nam Ban.

Ach chan eil gin de na trì sgiobaidhean as treasa air an t-seusan a dh'fhalbh - City, Celtic agus Rangers - air coinneachadh fhathast.

Agus deagh dhùbhlan tràth air an t-seusan a bhios seo do City an aghaidh Rangers leis gun do chaill iad naoi puingean nan aghaidh air an t-seusan a dh'fhalbh - a dh'aindeoin 's gun do bhuannaich iad tiotal an lìg air ais bhuapa.

Co-dhiù, 's iad City a thàinig am bàrr 2-1 an turas mu dheireadh a choinnich iad aig deireadh an t-seusain sin is iad a' faighinn trì puingean a bha cho cudromach 's a ghabhas dhaibh.

Airson cùisean a dhèanamh nas fhasa dhaibh aig deireadh an t-seusain seo, bidh aig City ri puingean a chruinneachadh an aghaidh nan sgiobaidhean as treasa san lìog tràth.

Rabhadh air leth a bhios ann 's dòcha bho Leanne Ross ma 's urrainn dhi sin a thòiseachadh Didòmhnaich sa chiad sheusan slàn aice os cionn na sgioba.

"Tha mi a' smaointinn nam biodh sgioba sam bith airson an lìog a bhuannachadh air an t-seusan seo, bhiodh iad airson 's gum biodh cùisean beagan nas chofhurtail," thuirt Màiri Anna Chaimbeul a tha a' leantainn ball-coise nam ban.

"Mar sin ma tha Leanne Ross agus sgioba Glasgow City airson rud sam bith a bhuannachadh - an lìog co-dhiù - bidh iad an dòchas gum faigh iad na trì puingean sin Didòmhnaich agus deagh thoiseach-tòiseachaidh a thoirt dhi."

SWPLTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha trì puingean a-mach à trì aig Celtic, City agus Rangers gu ruige seo

Tha Rangers a' tighinn a-steach dhan gheama seo às dèidh gheama chruaidh an aghaidh Hearts, a tha air adhartas a shealltainn thairis air na trì geamaichean acasan.

Bha an geama eatorra Diciadain a dh'fhalbh fhathast co-ionnan gun tadhail aig leth-ùine mus do chrìochnaich cùisean 2-1 gu Rangers.

Ach a dh'aindeoin sin, bu chòir gum bi City mothachail air cho chunnartach 's a tha an sgioba aig Jo Potter.

Tha iad air 13 tadhail a chur thairis air na trì geamaichean aca le Chelsea Cornet a' faighinn ceithir dhiubh agus Rio Hardy a' faighinn trì.

Batal air fàire ma-thà aig Pàirce Broadwood. Puing an urra - no am bi aon de na sgiobaidhean a' fàgail le trì puingean agus dòchas na sgioba eile air a ghoirteachadh?

Gheibh sinn a-mach às dèidh a' gheama a bhios ri fhaicinn beò air BBC ALBA aig 4:10f Didòmhnaich.

"Tha Rangers air tòiseachadh gu math," thuirt Màiri Anna Chaimbeul.

"Rud a tha inninneach mu Jo Potter am manaidsear aca 's e gu bheil i air sgiobair ùr ainmeachadh, Nicola Docherty.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil sin air deagh bhuaidh a thoirt air an sgioba.

"Bha e caran neònach nach robh Nicola Docherty na sgiobair air an t-seusan a dh'fhalbh air sgàth 's ise tè a tha thu ag iarraidh os cionn chùisean anns an sgioba. Tha i cho misneachail agus làn spionnaidh.

"'S e sgioba òg a th' aig Potter agus nì e feum dhi gu bheil cluicheadair coltach ri Docherty aice a' cumail smachd air cùisean air a' phàirce.

"Tha an dà sgioba air tadhail a chall. Tha tuill gu leòr san dà loidhne-dìon agus tha mi an dòchas gum faic sinn tadhail Didòmhnaich."

Celtic air thoiseach - ann an dòigh

A dh'aindeoin 's gu bheil na sgiobaidhean co-ionnan fhathast san lìog, tha diofar ann - an àireamh de thadhail a th' aig gach sgioba gu ruige seo.

Rud a rinn cùisean cho teann 's a ghabhas nuair a bha an seusan a' crìochnachadh sa Chèitean.

'S iad Celtic a chuir an àireamh as motha de thadhail agus tha iad air dèanamh cinnteach, chun a seo co-dhiù, nach bi an aon dragh aca air an t-seusan seo.

Tha iad air 21 tadhail a chur an coimeas ri 13 aig Rangers agus 10 aig Glasgow City.

Thèid iadsan an aghaidh Dhùn Dè Aonaichte leis a' gheama sin beò air làrach-lìn a' BhBC Didòmhnaich aig 2:00f.

Tha na h-ochd sgiobaidhean eile gus a bhith a' cluich Didòmhnaich cuideachd;

Hibernian 1:00f Spartans

Partick Thistle 1:00f Mon Rois

Obar Dheathain 2:00f Hearts

Celtic 2:00f Dùn Dè Aonaichte (Beò air làrach-lìn a' BhBC)

Tobar na Màthar 4:00f Hamaltan

Rangers 4:10f Glasgow City (Beò air BBC ALBA)

Clàr gheamaichean