Ath-nuadhachadh air Glaschu
Chaidh gabhail ri planaichean gus ath-nuadhachadh a thoirt air trì de na sràidean as ainmeile an teis mheadhain Ghlaschu.
Tha dùil gun tèid atharrachadh a thoirt air sràidean Sauchiehall, Bhochanan agus Earra-Ghàidheil, agus an t-ùghdarras ionadail airson dùblachadh a thoirt air an àireamh dhaoine a tha a' fuireach ann an meadhan a' bhaile. Seo Ruairidh Alastair MacillFhinnein.