Òigridh nas iomagainich, arsa sgrùdadh

  • Air fhoillseachadh
Seòmar-teagaisgTùs an deilbh, PA Media

Tha iomagain nas miosa am measg òigridh na Gàidhealtachd, a rèir sgrùdaidh air buaidh a' phandemic.

Thàinig àrdachadh air an àireamh dhuibh a tha ag ràdh nach eil iad a' faireachdainn sàbhailte.

Tha rannsachadh a tha a' coimhead air mar a tha clann a' dèanamh nam beatha làitheil ga dhèanamh ann an sgoiltean air a' Ghàidhealtachd gach dà bhliadhna.

Thathas a' bruidhinn ri sgoilearan a th' ann an clas a seachd anns a' bhun-sgoil agus anns an dàrna bliadhna is a' cheathramh bliadhna anns an àrd-sgoil.

Buaidh shònraichte air clas a sia

Sheall an sgrùdadh as ùire a rinneadh sa Ghiblean gun tàinig àrdachadh air an àireamh de sgoilearan, aig gach aois, nach eil a' faireachdainn sàbhailte.

Thog oifigich foghlaim air cho ìosal sa tha seo am measg an fheadhainn a th' anns an dàrna bliadhna anns an àrd-sgoil, le cha mhòr cairteal dhiubh air innse nach eil iad a' faireachdainn sàbhailte.

Thuirt na h-oifigich gun tug am pandemic buaidh mhòr orrasan gu h-àraidh, a' coimhead air foghlam agus beatha-sòisealta, leis gun do thachair e nuair a bha iad ann an clas a sia anns a' bhun-sgoil.

Sheall aithisg a chaidh mu choinneamh comataidh foghlaim na comhairle gun deach na ceudan de sgoilearan a chur air adhart airson taic tro sheirbheis chomhairleachaidh ùr an ùghdarrais agus gur e iomagain an trioblaid bu mhotha a bh' ann.