Naidheachdan 11:00m

Am Pàrtaidh Làbarach

Thòisich an t-atharrachadh ann an àrd sgioba nan Làbarach le Angela Rayner ga cur ann an dreuchd mar rùnaire dùbhlanach cothromachaidh. Tha i a' fuireach ann an dreuchd an leas-cheannard dhan deach a taghadh. Tha Jim McMahon a' fàgail a dhreuchd mar rùnaire dùbhlanach airson na h-àrainneachd. Ann an litir gu Sir Keir Starmer, Ceannard nan Làbarach, thuirt e gu bheil iad nan dlùth charaidean agus gu bheil e a' fàgail airson faighinn seachad air tinneas.

Sir Gavin Williamson

Ghabh panal neo-eisimeileach ris a' ghearain mu bhurraidheachd an aghaidh seann rùnaire an fhoghlaim, Sir Gavin Williamson. Thuirt am panal gum bu chòir do Mghr Williamson iarraidh air an t-seann àrd-chuip Tòraidheach, Wendy Morton, a leisgeul a ghabhail an dèidh dha gearain nach d'fhuair e cuireadh gu tìodhlacadh na Bànrigh. Cha tuirt esan dad fhathast mu cho-dhùnadh a' phanail.

Sealtainn

Thuirt Comhairle Shealtainn gu bheil iad aig ìre adhartach le planaichean airson tunailean an àite sheirbheisean aiseig. Coinnichidh iad ri Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a dh'aithghearr a dheasbad cosgais nam molaidhean. Tha siubhal eadar na h-eileanan an-dràsta stèidhichte gu ìre mhòr air cabhlach de bhàtaichean aiseig, cuid dhiubh a tha cho sean ri deich bliadhna fichead.

Connor Gibson

Chaidh binn beatha sa phriosan air fear, 21, a mhurt a phiuthar. Thug Connor Gibson ionnsaigh fheiseil air a phiuthar Amber, a bha 16, mus do mharbh e i ann a Hamaltan san t-Samhain an an 2021. Bidh e dà bhliadhna fichead sa phrìosan mas fhaod e parole iarraidh. Chaidh fear eile, Stephen Corrigan, 45, a chur dhan phrìosan airson naoi bliadhna an dèidh dha aideachadh gun do bhoin e do chorp Amber ann an dòigh mì-iomchaidh mas do chur e a corp air falach.

Banachdaichean

Tha prògram banachdaich Covid a' gheamhraidh a' tòiseachadh ann an Alba an-diugh do dh'fheadhainn ann an dachannan cùraim, feadhainn a tha nas sine na 65, neo aig nach eil siostam dìon slàinte làidir. 'S ann air an ath-mhìos a bha am prògram ri tòiseachadh ach chaidh a thoirt air adhart an dèidh do streun ùr den bhìoras tighinn am follais anns an Lùnastal.