Cobhair ga dhèanamh air poilis sa Chuiltheann

  • Air fhoillseachadh
An CuiltheannTùs an deilbh, Getty Images

Chaidh cobhair a dhèanamh air ceathrar oifigearan poilis a bha ann an duilgheadas ann an droch shìde sa Chuiltheann air an deireadh-sheachdain.

Cha robh na h-oifigearan ag obair aig an àm.

Fhuair Sgioba Teasairginn Beinne an Eilein Sgitheanaich fios oidhche Shathairne gun robh buidheann ann an duilgheadas ann an uisge is gaoth sa Chuiltheann.

'S e ceathrar oifigearan poilis a bh' ann - iad fhèin uile nam buill de Sgioba Teasairginn Beinne Phoileas Alba - ged nach robh iad ag obair aig an àm.

Chaidh còignear bhon sgioba ionadail an sàs - ged a bha an droch aimsir a' ciallachadh nach b' urrainn do heileacoptair nam maor-cladaich an cuideachadh.

Air a' cheann thall, fhuair iad lorg air an fheadhainn a bh' ann an duilgheadas mu 02:00m Didòmhnaich faisg air mullach Sgùrr Dubh Mòr.

Choisich a h-uile duine far na beinne is cha deach duine a ghoirteachadh.

Rinn Niall Urchadain bho Sgioba Teasairginn Beinne an Eilein Sgitheanaich moladh air an sgioba aige agus dh'iarr e cuideachd air duine sam bith a tha gu bhith coiseachd is sreap sa Chuiltheann ullachadh ceart a dhèanamh ro làimh.