
Dhearbh Poileas Alba gun deach corp fhaighinn 's iad a' sireadh fireannaich a bha a dhìth ann an Inbhir Nis.
Ged nach deach aithne oifigeil a dhèanamh air, chaidh fios a chur gu teaghlach Ghrzegorz Ulas, 46 bliadhna de dh'aois.
Cha deach Mgr Ulas fhaicinn bhon 1mh là den t-Sultain.
Thuirt Poileas Alba nach robh coltas amharasach air a' bhàs agus gun tèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.