Ceann-bliadhna an Hector

Tha 250 bliadhna ann an-diugh fhèin bho ràinig am bàta eilthireachd ainmeil an Hector Pictou ann an Alba Nuadh.

Bha cha mhòr 200 duine air seòladh oirre à Ulapul gu beatha ùr ann an Canada.

Bidh sreath thachartasan aca thar na deireadh-sheachdainn gus seo a chomharrachadh.

Tha Ailean MacLeòid ag aithris.