Bile ùr na Cumhachd

Tha dùil gum faigh coimhearsneachdan air a' Ghàidhealtachd buannachd bho Bhile Cumhachd ùr Riaghaltas Westminster a th' anns na h-ìrean mu dheireadh sa phàrlamaid.

Tha am Bile a' dèiligeadh ri cruthachadh cumhachd, tèarainteachd cumhachd 's riaghladh na margaidh agus tha e a' gealltainn gum faigh coimhearsneachdan suim airgid 5% bho theachd a-steach sgeamaichean cumhachd sna sgìrean aca.

Tha an aithris seo aig Fionnlagh MacIllinnein.