An Caibineat air chuairt

Chuala am Prìomh Mhinistear agus an Caibineat aige draghan mu bhochdainn-connaidh, aiseagan, turasachd agus mu ghnìomhachas an iasgaich 's iad a' coinneachadh ann an Inbhir Aora.

Seo a' chiad turas ann an ceithir bliadhna a tha an Caibineat air a dhol air chuairt timcheall na dùthcha.

Bha Seonaidh MacCoinnich aig a' choinneimh.