Sgeama pìdhleit aig CalMac

Gheibh eileanaich Mhuile, Cholla is Thiriodh cothrom nas fheàrr àite fhaighinn air na h-aiseagan aca ma roghnaicheas iad siubhal aig a' mhionaid mu dheireadh.

Tha seo ri linn sgeama pìleit ùr, a mhaireas sia mìosan, far a bheil àitichean gan cumail air aiseagan do dh'eileanaich 's eile a tha a' siubhal agus a tha a' cur an turais air dòigh faisg air an àm.

Tha iarrtas air a bhith ann fad bhliadhnaichean leithid de sgeama fheuchainn. Tha an aithris seo aig an fhear-naidheachd phoileataigeach againn, Mìcheal MacNèill.