Iomairt a' leantainn mu Ospadal Phort Rìgh

Thog luchd-iomairt ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich an guthan uair eile aig coinneimh ann am Port Rìgh a-raoir.

Tha SOS-NHS airson 's gun tèid cùram èiginneach làn-ùine a stèidheachadh aig Ospadal Phort Rìgh a-rithist - rud a bha am measg nam molaidhean a rinn Sir Lewis Ritchie na aithisg air seirbheisean slàinte an ceann a tuath an eilein ann an 2018.

Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris.