Bhòt mu sgeama BID ann an Dòrnach

Tha dragh am measg chuid de luchd-gnothachais ann an Dòrnach mu phlanaichean gus sgeama BID a stèidheachadh.

Tha a' bhuidheann stiùiridh a th' air cùlaibh na h-iomairt ag ràdh gum biodh sgeama dha sheòrsa na bhuannachd don choimhearsneachd agus don àite.

Bidh cothrom aig gnothachasan am beachd a thoirt seachad ann am bhòt a tha a' dùnadh Diardaoin.

Seo Fionnlagh MacIllinnein.