Ross County a' sireadh mhanaidseir ùir
Tha Ross County a' sireadh mhanaidseir ùir às dèidh dhaibh Malky MacAoidh a chur às a dhreuchd.
Nochd an naidheachd madainn Diciadain, is an sgioba air dìreach dà gheama a bhuannachadh san lìog air an t-seusan seo.
Tha sin gam fàgail san dàrna àite far bhonn na Prìomh Lìge.
Tha Ailean MacLeòid ag aithris.