Dragh mu phrìsean thaighean sa Chòigich
Anns a' chumantas, tha e nas daoire taigh a cheannach sa Chòigich air taobh siar Rois na tha e ann an Dùn Èideann.
Tha sin a rèir sgrùdaidh san sgìre a fhuair cuideachd gun do thuit an àireamh chloinne ann am bun-sgoiltean na sgìre sin mu 65% sna 30 bliadhna mu dheireadh, ged nach do dh'atharraich àireamh an t-sluaigh mòran.
Tha an aithris seo aig Seonaidh MacCoinnich.