Leasachadh san amharc aig raon goilf Sgarastaigh

Dh'fhaodadh gur e bliadhna mhòr a th' air thoiseach air raon goilf Sgarastaigh anns na Hearadh agus oidhirp a' dol taigh-cluba ùr a stèidheachadh.

Tha an goireas a th' ann a' dol bho fheum agus tha e cosgail a chumail ann an staid fhreagarrach.

Thathas airson togalach eile a chur na àite, rud a thathas an dòchas a bhios na bhuannachd dhan chluba fhèin agus dhan choimhearsnachd san fharsaingeachd.

Tha tuilleadh aig Alasdair MacIllinnein.