Agallamh slàn le Anne Quarm, banntrach Bill Quarm nach maireann.

Bha maighstir-puist à Uibhist a Tuath, Bill Quarm nach maireann, am measg nan neo-chiontach air an tug sgainneal siostam Horizon Oifis a' Phuist buaidh.

Chaill e fhèin agus a bhean na bh' aca nuair a chaidh a dhìteadh gu ceàrr air casaidean foill. Chaidh binn seirbheis sa choimhearsnachd air Mgr Quarm ann an 2010, agus chaochail e 2 bhliadhna às dèidh sin.

Ged a chaidh aithneachadh gu h-oifigeil an-uiridh gun robh na Quarms air ana-ceartas fhulang, tha a bhanntrach, Anne, fhathast gun sgillinn fhaicinn ann an airgead-dìolaidh.

Bhruidhinn i ris an tè-naidheachd againn, Shona NicDhòmhnaill.