Sgoiltean dùinte is rabhadh sneachda a' leantainn
Bha na ceudan de sgoiltean air feadh cheann a tuath na h-Alba dùinte Diciadain leis an t-sneachda, an treas latha airson feadhainn, agus sìde gheamhradail a' toirt buaidh air mòran sgìrean.
Tha oifis na sìde air rabhadh òmar a sgaoileadh airson sneachda ann an Sealltainn, Arcaibh, agus pàirtean de cheann a tuath thìr-mòr na dùthcha agus rabhadh buidhe airson sneachda agus deigh gu deas, siar agus sear.
Seo Fionnlagh Mac'Illinnein.