Tuiltean a' toirt buaidh aig tuath
Chuir uisge bacadh air luchd-siubhail air feadh na Gàidhealtachd an-diugh, le tuiltean agus maoimean-slèibhe a' dùnadh rathaidean agus loidhnichean rèile.
Mairidh an rabhadh buidhe airson uisge trom gu 9f a-nochd, le dùil ris an t-sìde as miosa air taobh siar Rois, Loch Abar 's Earra-Ghàidheal.
Seo Màiri Riddoch.