Oidhcheannan ceòl club gan cumail an Ullapul

Tha sreath do dh'oidhcheannan ceòl club gan cumail ann an Ullapul an-dràsta 's iad gu bhith a' ruith fad a' gheamhraidh.

Aithnichte gu h-ionadail mar an club oidhche as iomallaiche ann an Alba, tha an sreath air a bhith glè shoirbheachail aig àm den bhliadhna nuair a tha dibhearseanan eile gu math gann.

Chuir Allison Nic 'ill Eathainn oirre a brògan dannsa 's chaidh i a choimhead dè a bha dol...