Sionnaich as trice a' marbhadh nan uan an Alba

'S iad sionnaich mar as trice as coireach airson uain a mharbhadh ann an Alba, an àite chon neo bhroc, a rèir rannsachaidh ùir a rinn NàdarAlba.

Bha tuathanaich agus croitearan air dragh a thogail roimhe gu bheil an àireamh de bhruic ann an Alba air fàs mòran nas pailte, agus iomagain orra mun bhuaidh a bheireadh seo air an stoc aca.

Le tuilleadh, seo Allison NicIllEathain.