Sàbhailteachd luchd-teasgaisg

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim gum bu chòir do thidsearan a bhith a' faireachdainn sàbhailte ann an sgoiltean na h-Alba.

Bha Jenny Gilruth a' bruidhinn as dèidh mar a sheall sgrùdadh a rinn aonadh an EIS gu bheil cha mhòr an dàrna cuid de thidsearan an Obair Dheathainn ag ràdh gu bheil sgoilearan ri fòirneart cha mhòr gach latha san t-seòmar-teagaisg.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd air dearbhadh gun tàinig àrdachadh air àireamh nan sgoilearan a tha air a chasg bhon sgoil. Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid