Dragh air buidhnean coimhearsnachd mu chall Oifigearan Gàidhlig

Tha dragh air èirigh bho bhuidhnean coimhearsnachd a chailleas Oifigearan Gàidhlig, ri linn ghearraidhean ann am maoineachadh gu Bòrd na Gàidhlig.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad air airgead a bharrachd a chumail ris a' Bhòrd thar nan trì bliadhnaichean mu dheireadh, ach nach leanadh seo tuilleadh.

Tha ceistean a-nis gam faighneachd ge-tà mun ìre de thaic a tha an Riaghaltas a' sealltainn dhan Ghàidhlig.

Tha tuilleadh aig Doneil MacLeòid.