Cothroman cosnaidh an lùib leasachadh loidhne-dealain
Dh'innis SSEN do dhaoine agus gnìomhachasan san Eilean Sgitheanach mu chothroman air cosnaidhean agus cùmhnantan a bhiodh an lùib obair-leasachaidh air loidhne-dealain, a tha a' ruith bho cheann a deas an Eilein gu Bhatairnis air an taobh an iar.
Chaidh seo innse aig tachartas san Àth Leathann.
Tha seo a dh'aindeòin 's gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd agus NàdarAlba air bhòtadh an aghaidh a' phròiseict, agus gun Riaghaltas na h-Alba air aontachadh cead a thoirt dha fhathast.
Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid.