Rabhadh mun chunnart bho theintean-mòintich
Sheall figearan ùra gun robh Seirbheis Smàlaidh na h-Alba, anns a' chumantas, a' strì ri aon teine-mòintich gach làtha aig an àm as trainge an-uiridh agus gur ann air a' Ghàidhealtachd a bha a mhòr chuid dhiubh sin.
Dh'fhoillsich an t-seirbheis am plana-bhliadhnail aca anns a' bheil comhairle mu bhith seachnadh chunnart bho theineachan a-muigh air an dùthaich.
Seo Allison NicIlleathain.