Heb Air a'ruith sheirbheisean nan eilean

O thoiseach na h-ath mhìos bi seirbheisean adhair nas trice le itealain nas lugha a' dol eadar Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh.

Dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar an-diugh gu bheil Hebridean Air Services air cùmhnant trì bliadhna a bhuannachadh, 's iad a gabhail thairis o Loganair.

Dh'fhaodadh cuideachd gun teid seirbheis adhair a' stèidheachadh a-rithist eadar Barraigh agus Beinn nam Fadhla.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.